Bha aoighean à Alba againn o chionn ghoirid – Seumas Greumach agus Kirsteen Nic Dhomhnaill, dithist sheinneadair Gàidhlig. Bha iad san sgìre seo airson Mòd Naiseanta Aimearagaidh, agus fhuair iad fàilte agus furan aig Taigh Mhic an Ultaigh fhad's an robh iad ann.
Leugh Kirsteen leabhar Gàidhlig do Lorien agus Aoife – abair gun robh iad toilichte. Bha iad mar a chuir i fo gheasan iad!
Tha Kirsteen agus Seumas a’ fuireachd ann an Glaschu – tha sinn toilichte gun tàinig iad gu Washington. Ceud mìle taing!
Kirsteen and James live in Glasgow - we're delighted they came to Washington. A hundred thousand thanks!
No comments:
Post a Comment