12.9.08

A' Leughadh Sgeulachdan

Bha aoighean à Alba againn o chionn ghoirid – Seumas Greumach agus Kirsteen Nic Dhomhnaill, dithist sheinneadair Gàidhlig. Bha iad san sgìre seo airson Mòd Naiseanta Aimearagaidh, agus fhuair iad fàilte agus furan aig Taigh Mhic an Ultaigh fhad's an robh iad ann.

We had guests from Scotland recently - James Graham and Kirsteen MacDonald, two Gaelic singers. They were in the area for the U.S. National Mòd, and they got a big welcome at the McNulty house as long as they were here.

Leugh Kirsteen leabhar Gàidhlig do Lorien agus Aoife – abair gun robh iad toilichte. Bha iad mar a chuir i fo gheasan iad!

Kirsteen read Gaelic books to Lorien and Aoife - they were really pleased. It was as if they were spellbound!

Tha Kirsteen agus Seumas a’ fuireachd ann an Glaschu – tha sinn toilichte gun tàinig iad gu Washington. Ceud mìle taing!

Kirsteen and James live in Glasgow - we're delighted they came to Washington. A hundred thousand thanks!

9.9.08

Chaidh Sinn dhan Tràigh

Chaidh a h-uile duine dhan tràigh as t-samhradh. Abair gun do chòrd an turas rinn – gu h-àraidh an clann. Rinn Arbory agus Aoife an dealbh seo le ainmean rudan a gheibhear air an tràigh. A’ bheil sibh eòlach orra uile gu lèir?

Everyone went to the beach this summer. We really enjoyed it - especially the kids. Arbory and Aoife made this picture with names of things that are found on the beach. Do you know all of them?

Faoileag, Faoileagan = Seagull, Seagulls

Cearban = Shark

Crosgag = Starfish (gheibhear crisgein-craisgein, croise na tràghad agus reannag na mara cuideachd)

Leumadair-mara = Dolphin (muc-bhiorach, cuideachd)

Muc-mhara, Mucan-mhara = Whales

Taigh-Solais = Lighthouse

Giomach, Giomaich = Lobster, Lobsters

Slige, Sligeachan = Shell, Shells

Bucaid, Bucaidean = Bucket, Buckets

Sluasaid = Shovel

Bàta, Bàtaichean = Boat, Boats

Muir = Sea

Meal ur naidheachd, Aoife agus Arbory - 's math a rinn sibh!