18.5.08

Cròileagan DC air a’ BhBC!

“'S tric san là a th' ann a gheibhear iongnadh ann an saoghal na Gàidhlig.”

“There are plenty of surprises today in the world of Gaelic.”


Sin tòiseachadh airteagal a sgrìobh Teàrlach Quinnell aig a’ BhBC ann an Alba mu dheidhinn Cròileagan DC. Fhuair Liam iognadh nuair a leugh e na sgrìobh Teàrlach. Bhruidhinn Liam ri neach-naidheachd aig Radio nan Gàidheal mu dheidhinn na tha sinn a’ dèanamh, agus sgrìobh Teàrlach airteagal as dèidh sin.

That’s the beginning of an article written by Teàrlach Quinnell at the BBC in Scotland about Cròileagan DC. Liam was surprised when he read Teàrlach’s article. He spoke with a reporter at Radio nan Gàidheal about what we’re doing, and Teàrlach wrote an article after that.

Chòrd an naidheachd rinn gu fìor. Dh’fhaodadh a leughadh aig:

http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naidheachdan/story/2008/05/080513_washington.shtml

We really enjoyed the story. It may be read at the link above. Or just click on the headline.

15.5.08

Earrach Trang, Làithean Sona

Abair gun robh sinn trang as t-earrach. Choinnich sinn anns a' Ghearran, ann am Màirt agus anns a' Ghiblean, agus cruinnichidh sinn a-rithist airson cròileagain a dh'aithghearr. Seo Scott agus na pàisdean: Autumn (na seasamh), Aoife, Lucas agus Lorien (beagan dheth, cò-dhiubh!).

We've had a busy spring. We met in February, in March and in April. We'll be meeting again for a playgroup soon. Here's Scott and the children: Autumn (standing), Aoife, Lucas and Lorien (a little bit of him, anyway!)

Anns a' chròileagan, tha sinn ag ionnsachadh faclan agus abairtean mu dheidhinn an taighe, an teaghlach, ciamar a tha sinn a' fearachdainn agus pàirt dhen chorp. Thoisich sinn cur-seachadan ùra. Seo "Matman" neo "Fear a' Bhrat." Dh'fhaodadh dhan chloinn Fear a' Bhrat a chur ri chèile pìos air phìos: dà shùil, sròn, beul, cluasan, gairdeanan, casan agus mar sin air adhart.

In the playgroup, we're learning words and expressions about the home, the family, how we feel and parts of the body. We've started new activities. This is "Matman" or "Fear a' Bhrat." The children assemble Fear a' Bhrat piece by piece: two eyes, a nose, a mouth, ears, arms, legs and so on.















Seo Lucas agus a charaid. Cha robh Fear a' bhrat glè-thoilichte, a rèir coltais.

Here's Lucas and his friend. Matman wasn't very happy, it seems.

Aig deireadh a' Ghiblein, chaidh sinn dhan fhèis Cheilteach - The Southern Maryland Celtic Festival, mar a chanadh iad. Chòrd sin gu mòr ris a h-uile duine. Dh'ionnsaich Aoife beagan mu dheidhinn na pìoba agus ciamar a tha iad ag obrachadh. Chì sibh Seumas, a h-athair, a' cluich an giotar agus Ed "MacFhearghais" Bradshaw a' cluich air a' phìob bheag.















At the end of April, we went to a Celtic festival - The Southern Maryland Celtic Festival. Everyone enjoyed it greatly. Aoife learned a bit about the bagpipes and how they work. That's James, her father, playing the guitar and Ed "MacFhearghais" Bradshaw playing the small pipes.