Thàinig sinn ri chèile airson a’ cheud chroileagan againn an-diugh – Di Sathairne, 13mh an Dàmhair. Bha spòrs gu leòir againn! Dh’ionnsaich sinn beagan mu dheidhinn ainmean agus pàirt dhen chorp – agus rinn sinn dealbhan dhinn fhìn.
We met for the first playgroup today - Saturday, October 13. We had plenty of fun! We learned a bit about names and parts of the body - and made pictures of ourselves.
Seo Aoife agus a piuthar Autumn. Chan eil Autumn ach 10 mìos a dh’aois – ach bha i toilichte a bhith ann, mar tha thu faicinn! Chì thu Brenna, cuideachd, ag obair air a dealbh fhèin.
This is Aoife and her sister Autumn. Autumn is only 10 months old - but she was delighted to be there, as you can see! You'll see Brenna, too, working on her own picture.
Dh'ionnsaich Aoife Gàidhlig ann an Glaschu, far an robh i ann an croileagan. 'S ann à Glaschu a thàinig an teaghlach aice. 'S ann à Maryland a tha Brenna agus Lucas, agus tha iad ag ionnsachadh Gàidhlig ris an athair, Scott.
Aoife learned Gaelic in Glasgow, where she was in a croileagan. Her family comes from Glasgow. Brenna and Lucas are from Maryland, and they're learning Gaelic with their father, Scott.
Bha Lorien -- bràthair Aoife -- caran diùid an toiseach, gus an d'fhuair e briosgaid!
Lorien -- Aoife's brother -- was a bit shy at first, until he got a cookie!
A bharrachd air dealbhan, rinn sinn ciùil agus dannsadh. Chluich sinn cleasan mar "Tha Sìm ag ràdh" agus dh’innis àr tidsear Liam naidheachd dhuinn mu dheidhinn "Crom a’ Ghille Chromaidh" - balach gu math faoin!
Thuirt Brenna gum bu chòir dhuinn "Dumb a' Ghille Dumbaidh" a chanadh ris!
In addition to pictures, we made music and danced. We played games like "Simon Says" and our teacher Liam told us a story about "Crom a' Ghille Chromaidh" - a very foolish boy!
Brenna said we should call him "Dumb a' Ghille Dumbaidh"!
No comments:
Post a Comment